Cart 0

Laoidh An Iasgair Lyrics

Lyrics:

Dia bhith timchioll ar an sgothaidh
Mu'n imich i gu doimhneachd mara
Slig air linne dhuinn ar treuntachd
Mur'eil freasdail De ga faire

Aingeal ghil dean thusa iuil dhuinn
Threoraicheas sinn feadh gharbh thonn
Sgiath do churam sgaoil mu'n cuairt duinn
Nuair chinneas gruaim air gnuis na fairge

Guidheamaid do thaic-sa Pheadair
Gu'n thu leigeil beud na ar caramh
Chuireadh muinntir cuain nad' fhreasdail
Teasruig sinn bho as-call mara

Nuair is fheudar dhuinn bhith tilleadh
Stiuir thu cinnteach sinn gu cala
Ma chuir thu oirnne seach ar feuma
Cha'n fhaicear leinn an deirceach falamh

Dia bhith timchioll ar an sgothaidh
Mu'n imich i gu doimhneachd mara
Slig air linne dhuinn ar treuntachd
Mur'eil freasdail De ga faire